CLÀR-AMA A’ PHRÒISECT
Choinnich Fèisean nan Gàidheal ri luchd-teagaisg nan sgoiltean airson bruidhinn air a’ phròiseact agus na seòrsa rudan a bha iadsan a’ faireachdainn a bha a dhìth a thaobh �na Gàidhlig.
CEUM 1
Choinnich FnG ribhse airson a’ chiad uair nur sgoiltean. Bhruidhinn sinn air còraichean agus air na bha sibhse a’ lorg a thaobh na Gàidhlig anns an sgoil, anns a’ choimhearsnachd agus ann an saoghal na h-obrach.
CEUM 2
Choinnich sinn taobh �a-muigh na sgoile ann am buidhnean nas lugha. Dh’fheuch sinn ri sàr-sgoil a chruthachadh còmhla, a’ smaointinn air cuspairean, àrainneachd na sgoile agus gnìomhachas.
CEUM 3
Chùm sinn ceithir cafaidhean air-loidhne le aoighean òga sònraichte, agus sibhse a’ stiùireadh nan seiseanan le ceistean do na h-aoighean mun bheatha aca agus mun a’ Ghàidhlig.
CEUM 4
CÒIR NA H-ÒIGE
An robh fios agad gu bheil còraichean agadsa mar cuideigin a bhios a’ bruidhinn na Gàidhlig?
Tha na còraichean agad air an glèidheadh ann an Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte
air Còraichean Chloinne (no UNCRC).�
Tha an UNCRC a’ buntainn ris a h-uile duine ge b’ e dè an cinneadh, an creideamh, no na comasan a th’ aca, ge b’ e dè a tha iad a’ smaoineachadh no ag ràdh, ge b’ e dè an teaghlach às a bheil iad. Bu chòir do riaghaltasan spèis a thoirt do na còraichean agad agus dèanamh cinnteach gum faigh thu na còraichean anns an UNCRC gun leth-bhreith de sheòrsa sam bith. Bu chòir do riaghaltasan ceumannan a ghabhail gus dèanamh cinnteach gu bheil thu air do dhìon bho leth-bhreith.
Seo cuid de na h-artaigilean as iomchaidh dhutsa a thaobh a’ chànain agad:
Tha a’ chòir agam air foghlam a bhios a’ leasachadh mo phearsantachd, mo spèis air na còraichean aig daoine eile agus air an àrainneachd.
ARTAIGIL 29
Tha a’ chòir agam a bhith
a’ bruidhinn mo chànan fhèin
agus a bhith a’ leantainn �dòigh-beatha mo theaghlaich.
ARTAIGIL 30
Tha a’ chòir agam a bhith �a’ gabhail fois agus
a bhith a’ cluich.
ARTAIGIL 31
SMAOINICH…
Dè na cuspairean a bhiodh ri fhaotainn san sàr-sgoil agad?
Às na cuspairean sin, cò an fheadhainn a bhiodh tu airson cothrom fhaighinn a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig?
Dè cho cudromach ‘s a tha àrainneachd ionnsachaidh agus àrainneachd shòisealta dhut taobh a-staigh là-sgoile?
Cò ris a bhiodh na seòmraichean clas coltach?
Dè chuireadh tu anns na h-àitichean sòisealta san sgoil?
Tha mi ag iarraidh gum bi sgoilearan a’ faireachdainn ______, ______ agus ______ anns an sgoil seo.
Am biodh e na b’ fhasa do Ghàidhlig a chumail aig ìre nan robh a’ Ghàidhlig aig a h-uile duine anns an sgoil?
Dè seòrsa taic a bu chòir a bhith aig cuideigin a ghluaiseas don �choimhearsnachd-sgoile gun Ghàidhlig ach a tha airson an cànan ionnsachadh?
Dè na rudan a bu toil leat fhaicinn taobh a-muigh na sgoile
do dhaoine òga le Gàidhlig?
Dè na rudan a bu toil leat fhaicinn taobh a-muigh na sgoile
do dhaoine òga le Gàidhlig?
Dè cho cudromach ’s a tha e dhutsa gum bi a’ Ghàidhlig ga bruidhinn...
Dè cho cudromach ’s a tha e dhutsa gum bi a’ Ghàidhlig ga bruidhinn...
Dè cho cudromach ’s a tha e dhutsa gum bi a’ Ghàidhlig ga bruidhinn...
Dè cho cudromach ’s a tha e dhutsa gum bi a’ Ghàidhlig ga bruidhinn...
Nuair a tha mi nam inbheach, tha mi an dòchas a’ Ghàidhlig a chleachdadh...
NEART NA H-ÒIGE
Fhuair sgoilearan cothrom bruidhinn ri inbhich òga aig a bheil a’ Ghàidhlig agus a tha a’ faireachdainn gu bheil a’ Ghàidhlig na neart dhaibh.
�Ar taing do Mhirren Nic an Bhàird, �Rae NicÌomhair, Ruairidh MacIlleGhlais, Calum MacConnaill, Ciorstaidh NicConnaill, Luke MacLeòid agus Fionnlagh MacIllFhinnein airson an cuid brosnachaidh agus comhairle.
MIRREN NIC AN BHÀIRD
Comhairle do dhaoine òga le Gàidhlig? Gabh a h-uile cothrom a gheibh thu agus siud cho furasta ’s a tha e. Cothrom sam bith a th’ agad, chan eil e gu diofar dè th’ ann, dè cho beag no mòr ’s a tha thu a’ smaoineachadh gu bheil an rud a tha thu a’ dèanamh. Eisimpleir a th’ agamsa ’s e Café Bheairteis a bha sinne a’ stiùireadh – chaidh mi air Dihaoine aig 3f gach seachdain tron ghlasadh agus ’s e an rud as fheàrr a rinn mi riamh air sgàth ’s na cothroman a tha mi air faighinn bhon a sin. Tha mi a-nis a’ teagasg ann an Gàidhlig is fhuair mi cothrom a bhith nam cho-preasantair air Spòrs na Seachdain (RnG) tro aon de na h-aoighean a bh’ againn air Café Bheairteis.
�Bruidhinn Gàidhlig cho tric ’s as urrainn dhuibh agus bheir a h-uile cothrom a tha air ur beulaibh airson Gàidhlig a bhruidhinn no fiù ’s cothroman nach eil ann an Gàidhlig, tha dòghean ann Gàidhlig a � thoirt a-steach – dèan e.
Am prògram TBh Gàidhlig as fheàrr leat? Trusadh no An Clò Mòr
�An t-òran as fheàrr leat? Jimmy Mo Mhìle Stòr – Kathleen NicAonghais
�Am facal Gàidhlig as fheàrr leat? gliogadaich/glagadaich agus cianalas
An do rinn thu riamh FilmG? Tha mi air pàirt a ghabhail ann an trì farpaisean FilmG agus an uair sin ghabh mi pàirt ann an Sgoil Shamhraidh Dràma aig Fèisean nan Gàidheal fhad ’s a bha mi san sgoil agus rinn sinn film airson sin… Tha mi a’ smaoineachadh nuair a thòisich FilmG bha e gu mòr airson sgoilearan, ach a-nis tha sinn a’ faicinn mòran inbhich a’ gabhail pàirt ann am FilmG.
MIRREN NIC AN BHÀIRD
Cuideigin beò no marbh a bhiodh agad mar aoigh aig dìnnear? Tha mise gu mòr an sàs ann an spòrs, tha mi a’ dèanamh ceum ann an spòrs an-dràsta agus chanainn-sa… Michael Jordan air sgàth ‘s am ‘mindset’, an inntinn agus an dòigh-smaoineachaidh a th’ aige nuair a tha e a’ cluich spòrs.
An do ghabh thu riamh pàirt anns a’ Mhòd? Dhomhsa ’s e an-uiridh a’ chiad trup a ghabh mise pàirt sa Mhòd Nàiseanta! Ach a-nise leis gu bheil mi air an sgoil fhàgail agus a’ seinn còmhla ris na GGs, tha e dìreach sgoinneil agus tha am Mòd a’ còrdadh rium gu mòr, dìreach a’ choimhearsnachd a tha mun cuairt air.
Comhairle do dhaoine òga le Gàidhlig? Bruidhinn Gàidhlig ris na caraidean agaibh. Bidh mi fhìn is Mirren a’ bruidhinn Gàidhlig a’ mhòr chuid den ùine… bha e an-còmhnaidh neònach oir bha sinne air a bhith a’ bruidhinn Beurla ri chèile fad ar Beatha, agus tha e neònach an toiseach an t-atharrachadh sin a dhèanamh, ach ’s e atharrachadh cho cudromach a th’ ann oir mura h-eil sibh ga cleachdadh gu sòisealta leis na caraidean agaibh, chan eil an cànan a’ dol a mhairsinn.
Dèan cinnteach gu bheil cur-seachadan agaibh a tha co-cheangailte ris a’ chànan agus gu bheil thu mothachail air an dualchas agus an cultar a tha air cùl a’ chànain.
RAE NICÌOMHAIR
Am prògram TBh Gàidhlig as fheàrr leat? Dealbhan Fraoich
An t-òran as fheàrr leat? Nuair a Ràinig mi ’m Baile – Flòraidh NicNìll
�An t-abairt Gàidhlig as fheàrr leat? cùl a’ bhìogais!
Am facal Gàidhlig as fheàrr leat? sluaisreadh
An treas tè – agus smaoinich air an triùir seo mun cuairt air bòrd – ’s e Màiri Mhòr nan Òran. Tha mi a’ faireachdainn gu bheil mi a’ cluinntinn sgeulachdan mu Mhàiri Mhòr, gu h-àraid bho na fir a bha sa bheatha aice, agus bhiodh e inntinneach còmhradh fhaighinn is beachdan Màiri fhèin a chluinntinn mar a tha iad a’ tighinn troimhe sna h-òrain aice.�
An robh thu riamh a’ gabhail pàirt anns a’ Mhòd? Tha am Mòd riamh air a bhith nam bheatha. Bha mi aig gach Mòd a-riamh agus chòrd e rium gu mòr. Bhithinn aig Mòd ionadail ann an Glaschu gach bliadhna agus mun àm a bha mi sia bha sinn aig na Mòdan Nàiseanta... Ach rudeigin a tha gu math snog a-nise ’s e ’s gu bheil mi ag obair air taobh eile chùisean agus tha mi a’ teagasg clann bho fheadhainn beag bìodach suas gu feadhainn a tha 18 agus fiù ’s air an sgoil fhàgail agus a’ toirt taic riutha no stiùireadh.
RAE NICÌOMHAIR
Cuideigin beò no marbh a bhiodh agad mar aoigh aig dìnnear? A’ chiad tè a thàinig gu m’ inntinn ’s e Iseabail Nic an t-Sagairt. B’ ise a stiùir a’ chòisir ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu nuair a bha mise san sgoil agus a-nis bidh sinn ga stiùireadh còmhla.
An dàrna tè ’s e Aretha Franklin. Bha mi riamh cho measail air a’ cheòl agus an sgeulachd aice, dìreach cho inntinneach. Bhiodh e sgoinneil còmhradh fhaighinn còmhla rithe mu a beatha agus mar a bha i a’ smaointinn air ceòl is mar a thàinig i gu bhith san àite anns an robh i.
Am prògram TBh as fheàrr leat? Miss Marple, Poirot, Sherlock Holmes, am Mòd Nàiseanta Rìoghail!�
An t-òran Gàidhlig as fheàrr leat? Òran Dhalabroig
An t-seinneadair Gàidhlig as fheàrr leat? Iain Moireasdan (Iain Mhic Iain Bhàin) – tha guth binn aige ach làidir, blàth.
Cuimhneachain as fheàrr air Sgoil Lionacleit? Dha-rìribh bha e a’ còrdadh rium a bhith a’ seinn sa chòisir… bha na tidsearan gu math laghach rium ged nach robh mi an-còmhnaidh cho modhail ’s a bha daoine eile. Ach bha an clas Gàidhlig aig Mrs NicEachainn an-còmhnaidh a’ còrdadh rium gach �madainn Dihaoine.
RUAIRIDH MACILLEGHLAIS
Na leabhraichean as fheàrr leat? Evelyn Waugh, Marjory Kennedy-Fraser – A Life of Song agus am pàipear-naidheachd gach là.
Am bàrdachd as fheàrr leat? Dòmhnall Iain Dhonnchaidh, Hillary Belloc, Wilfred Owen, Dòmhnall Ailean Dhòmhnaill na Banaich, Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, Màiri Mhòr nan Òran, Shakespeare – bàrdachd clasaigeach sa mhòr chuid.�
An t-àite as fheàrr airson seinn? Anns an eaglais – gu h-àraid St Aloysius, Glaschu.
Dè as urrainn dhuinn a dhèanamh airson Gàidhlig a chumail beò? Tha e gu math sìmplidh, ’s e bhith ga bruidhinn. Chan fhaod sinn mòran sam bith eile a dhèanamh seach a bhith a’ bruidhinn Gàidhlig a h-uile cothrom a tha sinn a’ faighinn agus a bhith a’ seinn sa Ghàidhlig! Agus a bhith ga h-èisteachd. Chan eil fhios am a bheil sinn feumach air planaichean mòra, tha e gu math sìmplidh nam bheachd-sa – cleachd i no caill i – ma tha sibh san sgoil, san taigh, còmhla ri caraidean – a h-uile cothrom a gheibh sibh.
RUAIRIDH MACILLEGHLAIS
Comhairle do dhaoine òga? ’S dòcha aig amannan san sgoil, chan eil fios agad fhathast dè an rud a tha thu airson a dhèanamh, agus ’s dòcha nach bi airson treiseag às dèidh làimh. ‘S dòcha nach eil cùisean furasta riut san sgoil, ach tha an gnothach a’ fàs beagan nas fhasa. Na gabh dragh mura h-eil planaichean sam bith agaibh no ‘idea’ làidir air na rudan a tha sibh airson a dhèanamh. Ma tha rudeigin a’ còrdadh ribh a bhith ga dhèanamh, dèan e.
Cothroman a fhuair thu tron Ghàidhlig? Tha mi air a bhith gu math fortanach leis na cothroman a tha mi air fhaighinn. Chan eil iad dìreach air tighinn, feumaidh tu obair a chur a-staigh airson nan cothroman, mar eisimpleir mar a fhuair mi na Buinn Òir bho chionn dà bhliadhna. Fhuair mi an t-uabhas de chothroman às dèidh làimh ach bha an t-uabhas de dh’obair ann… ach ’s e an aon rud a th’ ann airson gach rud a nì thu airson an obair a dhèanamh agus an obair a dhèanamh gu ìre àrd.
RUAIRIDH MACILLEGHLAIS
Cuideigin ainmeil a tha air buaidh a thoirt ort? Caraid dhomh, Tormod MacIllEathain nach maireann à Beinn nam Faoghla, bha e gam chuideachadh gu mòr nuair a bha mise dìreach a’ tòiseachadh a-mach. Iseabail T. NicDhòmhnaill cuideachd, ‘s i an ‘tutor’ agam a-nis, agus tha sinne air a bhith ag obair còmhla son naoi bliadhna, tha i air m’ oideachadh tro na Buinn Òir agus an t-uabhas de rudan eile a tha mi air a dhèanamh.
An t-eilean as fhèarr leat? Chaidh sinn timcheall 13 eileanan taobh a staigh 10 làithean. Chòrd Bhatarsaigh agus Barraigh rium gu mòr – bha farpais buntàta a’ dol – ach ’s ann à Asgernis ann an Uibhist a Deas a tha mo sheanmhair ò thùs.�
Prògram TBh as fhèarr leat? Tha mi nam neach-coimiseanaidh aig BBC Alba agus Radio nan Gàidheal. ’S iad prògraman ciùil a leithid Valtos & Caraidean; Skipinnish aig a’ Chaisteil; Dàna le Coinneach MacFhraing, agus Spòrs Gàidhlig as fheàrr leam.�
Spòrs as fhèarr leat? Ball-coise (Ross County), teanas – fhuair mi tòrr chothroman a bhith ag aithris aig Wimbledon, French Open, US Open m.s.a.a. air sgàth ’s gu bheil Gàidhlig agam agus ùìdh agam ann an spòrs. Cuideachd an Davis Cup (goilf) agus ruith. Rinn mi 10k agus leth-mharathon an-uiridh – bu mhath leam marathon a dhèanamh fhathast!
CALUM MACCONNAILL
An t-òran as fhèarr leat? Faisg air Glòir (Calum Màrtainn) le Isobel Ann (Bellann) Mhàrtainn ga sheinn; Ar Cànan ’s Ar Ceòl le Trail West; O luaidh air a ghabhail le Kathleen NicAonghais
Am facal Gàidhlig as fhèarr leat? rubrab, strabhaigearachd
An t-sean-fhacal as fhèarr leat? “Ruigidh each mall muilinn” no “obair là tòiseachaidh”
CALUM MACCONNAILL
aig cridhe na tha iadsan a’ dèanamh; Catriona Mhoireach - b’ àbhaist dhi a bhith aig a’ BhBC a’ riochdachadh phrògraman, ach sgrìobh i leabhar mu bhàrdachd Mhurchaidh MhicPhàrlain cuideachd. Dh’ionnsaich mi tòrr bhuaipe.
Nam biodh cothrom agad rudeigin atharrachadh bhon a bha thu fhèin sa sgoil, dè bhiodh tu airson atharrachadh? Bu chòir dhan a h-uile sgoilear fiù ’s beagan Gàidhlig ionnsachadh. Bha againne ri taghadh ann an S1 eadar Gàidhlig is Fraingis. Thagh a’ mhòr-chuid Fraingis – chanainn nach bi a’ mhòr chuid aca fhathast a’ cleachdadh na Fraingis. Cha robh ach deichnear againn a’ dèanamh Gàidhlig ach tha sinn uile a’ dèanamh rudeigin inntinneach leatha a-nis m.e. Ceit Fhoirbheis, Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba. Bha ise san sgoil còmhla rium!
Cò ris a bha Sabhal Mòr Ostaig coltach? Às deidh na sgoile cha robh fios agam dè bha mi airson dèanamh (rinn mi cùrsa-ciùil ann an Dùn Èideann greiseag, bliadhna a-mach agus an uair sin ag obair).
Chaidh mi gu SMO leis an dùil a bhith ann son bliadhna ach chòrd e rium gu mòr agus rinn mi trì bliadhna eile ann. Rinn mi tòrr charaidean an sin a tha agam fhathast – Iain Beggs, Ali Gobhaig – ’s e àite gu math sònraichte a th’ ann an Sabhal Mòr Ostaig.
CIORSTAIDH NICCONNAILL
An t-òran as fhèarr leat? Teann a nall - airson a bhith a’ seinn còmhla!
Facal Gàidhlig as fhèarr leat? uabhasach no cabadaich
An t-eilean as fhèarr leat? Na Hearadh - gu h-àraidh a’ campadh ri taobh na tràghad – chaidh sinn ann mar theaghlach nuair a bha mi na b’ òige, ach cuideachd an t-Eilean Sgitheanach (bha mi aig Sabhal Mòr Ostaig) is Ratharsaidh - ‘s ann às an eilean a tha an teaghlach bho thùs.
Prògram TBh as fhèarr leat? Dùbhlan DIY.
Spòrs as fhèarr leat? badminton agus hocaidh – rinn mi cùrsa ann an hocaidh agus bhithinn ga theagasg às deidh na sgoile; snàmh.
CIORSTAIDH NICCONNAILL
cheum agam aig SMO, fhuair mi cothrom a dhol a Chanada do dh’Oilthigh Cheap Breatainn airson bliadhna!
Cò an ‘icon’ Gàidhlig agad? Donnie Dotaman dhomhsa!�
Comhairle do dhaoine òga? Gabh beagan ùine às deidh na sgoile gun a bhith a’ gabhail cus dragh no a’ cur cus chuideim air an ath cheum.
Dè an obair a th’ agad? B’ àbhaist dhomh a bhith nam thidsear Gàidhlig bun-sgoile ach dh’fhàg mi an-uiridh agus ‘s e flùranaiche a th’ annam a-nise – a’ dèanamh fhlùraichean is fhleasgain agus a’ lìbhrigeadh bhùthan-obrach. Mar sin, tha mi fhathast a’ teagasg dhaoine. ‘S e obair gu math spòrsail a th’ ann.
Cò ris a bha Sabhal Mòr Ostaig coltach? Bha e spòrsail – rinn mi tòrr charaidean anns na ceithir bliadhnaichean a bha mi ann. Chaidh mi bhogadh ann an cànan agus cultar na Gàidhlig an sin. Cuideachd, mar phàirt den
LUKE MACLEÒID
beag a th’ ann ‘s urrainn dhuibh tòrr a bharrachd fhaighinn às. Ma tha Beurla agad, tha sin ceart gu leòr, tha Beurla aig a h-uile duine. Ach ma tha Gàidhlig agad agus tha thu eòlach air daoine ann an saoghal na Gàidhlig anns a h-uile h-àite, gheibh thu gu math fada san t-saoghal seo.�
‘S e a’ chiad rud a bhios mise ag innse do dhaoine gur i a’ Ghàidhlig am prìomh chànan agus an cànan as fhèarr a th’ agam.�
Dè bha math mu foghlam Gàidhlig? Cha robh Gàidhlig agamsa aig an taigh ach, le FTMG, gheibh thu teagasg agus bogadh a h-uile là anns a’ chànan ann an dòigh nach fhaigh thu ann an àite sam bith eile. ‘S e an dòigh as fhèarr air a’ Ghàidhlig ionnsachadh. Ceòl, FilmG, Deasbad Nàiseanta, Caraidean Còmhraidh, spòrs – a h-uile càil a bha sin – rinn mi caraidean tromhpa sin agus thog sin m’ ìomhaigh-sa mar sgoilear agus mar duine a’ fàgail na sgoile.
Comhairle do dhaoine òga? Às bith dè an dreuchd a tha nur n-inntinn, ‘s urrainn Gàidhlig do chuideachadh ann. Tha mi coma an e dotair a bhios annad, no ma tha thu gu bhith sna meadhanan, saoghal a’ chiùil no saidheans – càil sam bith a nì sibh, bidh Gàidhlig gur cuideachadh ann an dòigh air choireigin. �
‘S dòcha nach cleachd thu an cànan gu proifeiseanta bho là gu là ach nì thu ceanglaichean agus coinnichidh tu ri daoine, caraidean is eile tron Ghàidhlig a nì mìorbhailean dhut, agus ged is e coimhearsnachd gu math
LUKE MACLEÒID
B’ urrainn dhomh a bhith air a dhol dhan Roinn Eòrpa ach bha mise airson àite gu tur eadar-dhealaichte fhaicinn gus tuigsinn a bheil na h-aon trioblaidean aca leis na cànain aca ann an Hong Kong le Cantonese agus Mandarin. ‘S e Sìnis traidiseanta a th’ ann an Cantonese agus Sìnis nuadh a th’ ann am Mandarin. Tha Cantonese na b’ aosta agus chan eil i air a teagasg anns na sgoiltean mar a tha Gàidhlig againne.
Tha daoine fhathast airson Cantonese ionnsachadh agus gu h-àraid daoine òga, ach ‘s dòcha nach eil na cothromon aca. Tha an riaghaltas airson tòrr obrach a dhèanamh airson Mandarin agus Beurla a phutadh ach chan eil airson Cantonese. Mar sin, bha mi airson faighinn a-mach dè tha tachairt sna coimhearsnachdan gus inbhe Cantonese a thogail. Tha luach aca anns a’ chànan – tha mi airson faighinn a-mach a bheil an aon luach againne air Gàidhlig!
Chan e cànan a-mhàin a thug FtMG dhomh, ach iomadh sgil agus doras fosgailte às dèidh laimh cuideachd.
Carson a chaidh thu gu Hong Kong? Tha mi à eilean beag (Leòdhas) agus tha dà chànan againn anns an eilean – tha Beurla agus Gàidhlig againn. Bha mise a’ coimhead airson àite eile anns an t-saoghal far an robh dà chànan ann, ’s dòcha mion-chànan cuide ri cànan a th’ ann an sgìrean air feadh an t-saoghail, agus b’ e Hong Kong aon de na h-àitichean mar sin.
LUKE MACLEÒID
a thaobh Gàidhlig.
Tha e cudromach tuigse a bhith againn air fèin-aithne agus cho luachmhor ‘s a tha sin. Tòrr dhaoine ann an Alba, chan eil fios aca gu bheil Gàidhlig air a teagasg an seo, gu bheil Gàidhlig beò anns na sgoiltean agus sna coimhearsnachdan againn. Tha iad a’ smaoineachadh ‘s dòcha gur e cànan eile a th’ ann air na soidhnichean rathaid no na càraichean poilis. Sin far am feum an t-ionnsachadh a bhith.
Dè bu toil leat fhaicinn a thaobh Gàidhlig anns na sgoiltean? Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil toiseach tòiseachaidh againn gus ceanglaichean a dhèanamh eadar sgoiltean.
Bha mise smaoineachadh, a’ fàs suas, gun robh Sgoil MhicNeacail ann agus gun robh Gàidhlig ann an Sgoil MhicNeacail agus sin e – tha sin fada, fada cèarr! Às deidh coinneachadh ri daoine a-mach às an sgoil, a-mach às an sgìre, faicinn gur e cànan nàiseanta a th’ ann, a’ dèanamh charaidean ann an sgìrean air feadh Alba, sin far an d’ fhuair mi an neart a th’ agam
FIONNLAGH MACILLFHINNEIN
thairis le mo chuid Ghàidhlig.
Cha bhithinn as an dreuchd a tha mi as aonais Gàidhlig. Mar sin, tha mi gu math taingeil gu bheil Gàidhlig agamsa. Tha i air a bhith na cuideachadh mhòr dhomh na mo bheatha.
Dè bha math mu foghlam Gàidhlig? Nuair a bha mise san sgoil rinn mi Gàidhlig suas gu Sàr-Àrd Ìre ach rinn mi Nuadh Eòlas aig Nat 5 sa Ghàidhlig cuideachd. Chòrd sin rium gu mòr agus, ged nach robh fios agam aig an àm, tha e a-nis gam chuideachadh gu mòr san obair agam leis gu bheil mi a’ dèiligeadh ri poileataigs is cùisean dùthchail is eadar-nàiseanta is tha na diofar bhriathran is faclan sònraichte agam nach biodh agam mura robh mi air nuadh-eòlas a dheanamh tro mheadhan na Gàidhlig.
Ciamar a tha Gàidhlig feumail dhut? Thòisich mi air Gàidhlig a bhruidhinn nuair a bha mi anns an sgoil-àraich. Cha robh Gàidhlig aig mo phàrantan, mar sin bha mi ag ionnsachadh Gàidhlig tron sgoil aig BSGI agus bha roinn Gàidhlig fìor mhath aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis cuideachd, agus tha mi a nise ag obair aig BBC Alba mar fear-naidheachd.
Tha Gàidhlig air a bhith gu math feumail dhomhsa air sgath ‘s gu bheil mise a’ cluich na fìdhle cuideachd. Tha mi a’ cluich ann an còmhlan agus tha mi air iomadh cothrom fhaighinn a dhol gu diofar Fèisean, a dhol thall
FIONNLAGH MACILLFHINNEIN
gum biodh e math nam biodh barrachd chothromon ann mar a bh’ agamsa anns an sgoil, a leithid Deasbad Nàiseanta no a dhol a null a dh’Èirinn còmhla ri Fèisean nan Gàidheal.
Tha an cultar aig na h-Èireannaich cho coltach ris a’ chultar againne ach aig ìre diofraichte. Bha sinn a-null aig a’ Fleadh (“like the Mòd on steroids”) is bha e dìreach iogantach. Bha mìltean de dhaoine a-mach air sràidean a’ bhaile a’ cluich ceòl, a’ seinn òrain, a’ dannsa… ’s e Fèis chiùil iongantach a th’ ann agus chan eil e coltach ri càil sam bith eile.
Thug an turas sin misneachd dhomhsa gun robh cultar coltach ris a’ chultar againne cho beò agus dòchasach. Ged a tha Gàidhlig beò agus làidir ann an cuid de na sgìrean na h-Alba, chan eil ann an �sgìrean eile, ach a’ coimhead air Èirinn agus air a’ chultar acasan, tha e a’ toirt dòchas �dhomhsa gum bi Gàidhlig ‘s dòcha aon làtha aig an aon ìre ri sin.
Ach cuideachd, fhuair mi cothrom a dhol suas gu SMO airson a leithid cùrsaichean goirid a dhèanamh a bhith a’ cruthachadh filmichean goirid airson FilmG. Cuideachd, fhuair mi cothrom a dhol gu Stèornabhagh airson Deasbad Nàiseanta a dhèanamh agus bha sinn fortanach a dhol shìos a Dhùn Èideann dà thriop cuideachd airson a’ chuairt-dheireannach. Tha deagh chuimhneachain agam air a sin. Tha iomadh cothrom air a bhith agam tro Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.
Dè bu toil leat fhaicinn a thaobh Gàidhlig anns na sgoiltean? Chanainn
FIONNLAGH MACILLFHINNEIN
Ged nach b’ e obair sna naidheachdan a bha sin, bha mi a’ dèanamh obair deasachaidh, obair gearraidh, agallamhan – sgilean a tha riatanach nam obair làitheil a-nis.
Mura h-eil rudeigin a’ còrdadh riut, tha fios agad an uair sin nach do chòrd e riut ach gun do dh’fheuch thu e. Chan e droch rud a tha sin idir. Chan eil fios agad dè a thig às na cothromon sin. Gabh a h-uile cothrom air do bheulaibh!
Comhairle do dhaoine òga? Gabh gach cothrom! Fhuair mise iomadh cothrom agus bha mo phàrantan ga mo phutadh gus na cothroman a ghabhail. ’S dòcha, aig an àm, gun robh mi car teagmhach mu dheidhinn, ach tha mi cho taingeil a-nis – cha bhithinn anns an obair anns a bheil mi an-diugh às aonais na cothroman sin agus ‘s e an fhìrinn a tha sin!
Bha fios agam gu robh mi airson obair anns na meadhanan a dhèanamh às deidh dhomh a dhol gu SMO agus ùine a chur seachad a’ cruthachadh fhilmichean goirid.
Mòran taing airson na beachdan a chur thu thugainn mu na rudan a bhios a dhìth air a thaobh a’ Ghàidhlig nad bheatha.
club dràma
club ciùil
club ealain
club spòrs
lùth-chleas
còcaireachd
fuine
gàirnealaireachd
club còdaidh
cothroman�sòisealta
snack bar
cèilidhean
àitichean far an tig�teaghlaichean is coimhearsnachdan còmhla
Seo cuid de na freagairtean a fhuair sinn:
Smaoinich air seo – carson nach eil a leithid agad mar-thà?
club dràma
club ciùil
club ealain
club spòrs
lùth-chleas
còcaireachd
fuine
gàirnealaireachd
club còdaidh
cothroman�sòisealta
snack bar
cèilidhean
àitichean far an tig�teaghlaichean is coimhearsnachdan còmhla
Tagh aon de na beachdan bhon liosta – am beachd as tarraingiche dhut fhèin.
Dè tha thusa a’ dol a dhèanamh airson seo a chur air dòigh dhut fhèin agus do dhaoine òga eile le Gàidhlig?
Smaoinich air na ceumannan air fad…
NÌ CLACHAN BEAGA
CÀRN MÒR UAIREIGIN