Co-labhairt Oileanaich na Ceiltis 2021 - Gairm airson Phàipearan
Cuiridh Comann Oileanaich na Ceiltis ann an Èirinn agus Breatainn ar naoidheamh co-labhairt bhliadhnail air chois bho 22mh chun an 24mh den Dàmhair 2021. Air sgàth ’s gu bheil Covid-19 fhathast follaiseach nur measg, ’s e ar plana a’ chuid as motha den cho-labhairt a chumail air loidhne am bliadhna, le grunn tachartasan agus eileamaidean a’ tighinn beò agus air loidhne bho Cholaiste Oilthigh Baile Àtha Cliath (UCD). Bidh na h-ullachaidhean iomlain an eisimeil do chomhairle agus bacaidhean nàiseanta an Èirinn, le gach cothrom gun tig atharrachaidhean orra thar an ama ri tighinn.

Cuiridh sinn fàilte mòr ro taisbeanaidhean ann am Beurla agus anns na cànanan Ceilteach. Gabhaidh sinn ri tagraichean bho oileanaich làithreach agus luchd-ceumnachaidh nuadh a bhios a’ dèiligeadh ri taobh sam bith de chuspair na Ceiltis, cho math ri adhbharan ceangailte ris na cànanan Ceilteach, an daoine, an litreachas, an eachdraidh air neo an cultar. Bu chòir pàipearan a bhith eadar 15-20 mionaid a dh’fhad.

Lìon am foirm seo shìos le geàrr-chunntas suas gu 200 facail, ro Dihaoine 27mh Lùnastail 2021.

Bidh sinn air leth thoilichte fiosrachadh no comhairle a thoirt dhuibh. Cuir post-d gu celticstudents.conference@gmail.com.
Sign in to Google to save your progress. Learn more
Ainm *
Post-d *
Oilthigh / Institiuid
Tiotal a’ Phàipeir agad (Ma bhios an tiotal ann an cànan Ceilteach, nach toir thu dreach Bheurla dhe cuideachd) *
Dè an cànan anns am bi thu ga thaisbeanadh? Tha sinn an dùil eadar-theangachadh mar-aon a lìbhrigeadh air son iadsan a bhios a’ bruidhinn ann an gin de na cànanan Ceilteach. *
Cuir do gheàrr-chunntas (suas gu 200 facail) an seo: *
Am bi thu deònach am pàipear agad a thaisbeanadh air loidhne? *
Mas e gu bheil thu a’ fuireach ann an Èirinn aig àm an Cho-labhairt, am biodh tu deònach siubhal gu UCD agus do phàipear a thaisbeanadh beò, ma bhios e ceadaichte bho thaobh bacaidhean slàinte? *
Bu toil le ACSIB taisbeanaidhean a chlàradh. Am biodh tu deònach ma dhèanar clàradh den taisbeanadh agad, mar phàirt den cho-labhairt? A-mach à sin, dh’fhaodadh pìosan às air neo an rud iomlain a sgaoileadh anns na meadhanan sòisealta. *
Nòta mun Chlàradh
Thèid clàradh air son a’ cho-labhairt 2021 fhosgladh anns an mìosan a tha romhainn.

Mas e gun do chlàraich thu son ar co-labhairt a thachair air loidhne an-uiridh (Màrt 2020), agus na cìsean £30 air a phàigheadh agad mar-thà, bidh sin a’ ciallachadh gu bheil thu clàraichte don cho-labhairt 2021.
Nòta mu Phostairean
Mur nach bu mhiann leat pàipear a lìbhrigeadh, ach postair a thaisbeanadh aig an co-labhairt, nach cuir thu post-d thugainn aig celticstudents.conference@gmail.com. Tha sinn an dùil fàilte a chur ro postairean air làr-ionad a’ cho-labhairt 2021 air loidhne.
Thèid fiosrachadh mud dheidhinn a thasgadh air los conaltradh a chumail riut mu dheidhinn tachartasan a’ Chomainn san àm ri tighinn. Cha tèid e ga sgaoileadh a-mach gu buidhnean eile. Chumaidh sinn do mhion-fhiosrachadh suas gu trì bhliadhna aig a’ char as fhaide. Faodaidh tu iarrtas a sheòladh thugainn chun an ‘data’ seo a chur dhe aig uair sam bith. *
Ma bhios ceist sam bith eile agad mun cho-labhairt, nach cuir thu fios air ais thugainn gu luath.
Post-d: celticstudents.conference@gmail.com
Twitter: @CelticStudents
Facebook: Association of Celtic Students of Ireland and Britain
Submit
Clear form
Never submit passwords through Google Forms.
This content is neither created nor endorsed by Google. Report Abuse - Terms of Service - Privacy Policy