Sgilean aithris do eòlaichean

Tha Women in Journalism Scotland ann an compairteachas le sgioba poileataics BBC Scotland agus BBC Naidheachdan gus cothrom treanaidh ‘sna meadhanan craolaidh a thoirt do 20 boireannach air ciamar a bheir iad seachad beachd-eòlaiche. Tha seo ann an oidhirp barrachd bhoireannaich a bhrosnachadh gu bhith a’ nochdadh air prògraman naidheachd agus poileataigs.

Tha e cudromach gum bi farsaingeachd de ghuthan is de bheachdan ri chluinntinn ‘sna prògraman againn. San t-seisean seo, bidh sinn a’ brosnachadh eòlaichean boireann ann an iomadach cuspair, na beachdan agus an t-eòlas aca a thaisbeanadh air an eadhar. Ma tha sibh nur eòlaiche ann am poileasaidh, an eaconomaidh, foghlam, cùisean eadar-nàiseanta, atharrachadh na gnàth-shìde, cùisean dùthchail, no iomadh cuspair eile, no ma tha eòlas agaibh a chuidicheas an luchd-èisteachd is amhairc ciall a dhèanamh den t-saoghal poileataigeach air thoiseach, bu toil leinn cluinntinn bhuaibh.

Tha sinn a’ lorg eòlaichean a bhruidhneas air cuspairean co-cheangailte ri poileataigs, no daoine a tha mar tha an sàs ann an sgrìobhadh no obair-naidheachd a bu toil gluasad gu bhith ag aithris air TBh is radio.

Gheibh compairtichean treanadh guth, agallamh fuadain mar phàirt de phanail, agallamh radio mas fhior, agus cothrom cluinntinn bho àrd riochdairean mu dè direach a tha iad a’ lorg nuair a chuireas iad daoine air dòigh ‘son pàirt a ghabhail ann am prògraman. Bidh lòn, tì agus cofaidh ga thoirt seachad mar phàirt den là.

Bidh a’ bhùth-obrach a’ gabhail àite aig a’ BhBC ann an Inbhir Nis, air 7 Rathad Chuil Daothail. Dihaoine May 19 bho 10m gu 3f. Tha taic-airgid ri fhaotainn ‘son cuideachadh le cùram-cloinne.

Ceann-là son tagraichean: 5f April 26

Airson cuir a-steach airson àite ‘sa bhùth-obrach, lionaibh am foirm gu h-ìseal mas e ur toil e. Ma tha ceistean sam bith agaibh, cuiribh post-d gu Iona.Macritchie@bbc.co.uk

Sign in to Google to save your progress. Learn more
Ainm agus Sloinneadh – le tiotal ‘son braiste ainm *
Post-d *
Àireamh fòn *
Neach-fastaidh no freelance *
Tiotal Obrach *
Minich gu sìmplidh ann an seantans no dha dè an obair a th’ agad
A bheil dà eisimpleir agad de sgeulachdan a tha air a bhith anns na meadhanan san dà bhliadhna a dh’fhalbh far am b’urrainn dhut a bhith air beachd a thoirt seachad ‘sna meadhanan  *
Chan fheum iad a bhith nan sgeulachdan mòra, ach seallaidh e dhuinn gu bheil comas agaibh cothroman a lorg ‘son an treanadh a chur gu feum
A bheil sibh ag iarraidh an tairgse air taic le cosgaisean cùram-cloinne a chur gu feum? Ma tha, cuiridh sinn fios thugaibh tro phuist-d
Clear selection
Leig fios ma tha feumalachdan sònraichte sam bith agaibh airson gun tèid agaibh air làn phàirt a ghabhail san t-seisean
Submit
Clear form
Never submit passwords through Google Forms.
This content is neither created nor endorsed by Google. - Terms of Service - Privacy Policy

Does this form look suspicious? Report